Triantanachd
Ann an triantan ceart-cheàrnach, canar a' hypotenuse ris an taobh mu choinneamh a' cheàirn cheirt.
Ma tha \(x^\circ\) ann an aon dhe na ceàrnan eile, thèid againn air na taobhan eile ainmeachadh mar a chì thu san diagram seo.
Feumaidh fios a bhith agad air na 3 co-mheasan triantanachd seo:
- sine
- cosine
- tansaint
Bidh sinn gan giorrachadh gu:
- sin
- cos
- tan
Seo na trì co-mheasan cudromach:
\(\sin (x^\circ ) = \frac{{\text{mu choinneamh}}}{{\text{hypotenuse}}}\)
\(\cos (x^\circ ) = \frac{{\text{dlùth}}}{{\text{hypotenuse}}}\)
\(\tan (x^\circ ) = \frac{{\text{mu choinneamh}}}{{\text{dlùth}}}\)
Bidh cuid a' cumail cuimhne orra leis na ciad litrichean air an son nuair a bhios iad a' smaoineachadh dè an co-mheas a chleachdas iad gus ceist fhuasgladh.
Seo na litrichean:
SMH CDH TMD
Sine Mu choinneamh Hypotenuse
Cosine Dlùth Hypotenuse
Tansaint Mu choinneamh Dlùth