Deamocrasaidh agus Pàrlamaid na RA
'S e deamocrasaidhSeòrsa de riaghaltas far am bi daoine gan riaghladh fhèin no a' taghadh riochdairean a bhios gan riaghladh. a tha san Rìoghachd Aonaichte (RA). Tha cus dhaoine san RA airson am beachd fhaighneachd dhaibh, agus cus cho-dhùnaidhean ri dhèanamh, agus mar sin, tha riochdaireCuideigin a bhios ag obair às leth cuideigin eile, no buidheann dhaoine, me neach-poilitigs a tha air a thaghadh airson luchd-bhòtaidh a riochdachadh. air an taghadh airson co-dhùnaidhean a dhèanamh.
Tha riochdairean a' gabhail a-steach Buill Phàrlamaid (BP), Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) agus comhairlichean ionadail.

Bhidio - Pàrlamaid na RA
Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh Pàrlamaid na RA agus dè an obair a bhios BP agus Morairean a' dèanamh.
The UK Parliament.
Dè th' anns na diofar phàirtean de Phàrlamaid na RA?
Bidh Pàrlamaid na RA a' coinneachadh ann a' Westminster ann an Lunnainn. Tha trì pàirtean innte:
- Taigh nan Cumantan – A' deasbad mholaidhean agus a' dèanamh laghan
- Taigh nam Morairean – A' sgrùdadh laghan a tha san amharc, a' dèanamh atharrachaidhean
- An Crùn – A' Mhonarcachd, Ceannard na Stàite, a' ceadachadh laghan
Taigh nan Cumantan
Tha an Rìoghachd Aonaichte air a roinn ann an 650 roinn-phàrlamaid no sgìre. Bidh gach roinn-phàrlamaid a' taghadh aon BP airson na Pàrlamaid.
Image caption, Seòmar Thaigh nan Cumantan
Image caption, Tha BP air an taghadh airson luchd-taghaidh na roinn-phàrlamaid a riochdachadh. Bidh iad a' dèanamh seo le bhith a' deasbad agus a' cur cheistean ann an Taigh nan Cumantan. (PA Images / Alamy Stock Photo)
1 of 2
Dè am pàirt a tha aig BP ann am Pàrlamaid na RA?
'S e fear de na rudan a dh'fheumas BP ann am Pàrlamaid na RA a dhèanamh, muinntir na roinn-phàrlamaid aca a riochdachadh air cuspairean far am bi Pàrlamaid na RA a' dèanamh cho-dhùnaidhean, me in-imrich no dìon na dùthcha. Bidh BP an dara cuid a' deasbad no a' cur cheistean ann an Taigh nan Cumantan, no bidh iad ag obair ann am buidhnean nas lugha ris an canar comataidhean.
An lùib rudan cudromach eile a bhios BP sa Phàrlamaid a' dèanamh, bidh iad a' cuideachadh le bhith a' dèanamh laghan agus a' sgrùdadh obair an riaghaltais no a' rannsachadh chùisean.
Taigh nam Morairean
'S e Taigh nam Morairean an dara seòmar ann am Pàrlamaid na RA. 'S e obair Taigh nam Morairean cuideachadh le laghan a dhèanamh, a bharrachd air a bhith a' sgrùdadh obair an riaghaltais agus a bhith a' rannsachadh chùisean.
Image caption, Seòmar Thaigh nam Morairean. (robertharding / Alamy Stock Photo)
Image caption, Tha morairean air an cur an dreuchd mar chomharra air an eòlas ann an raon sònraichte. Bidh iad a' sgrùdadh bhilean agus obair an riaghaltais. (PA Images / Alamy Stock Photo)
1 of 2
Cò bhios a' cur nam morairean an dreuchd?
Bidh a' mhòr-chuid de mhorairean air an cur an dreuchd leis a' mhonarc an dèidh comhairle bho phrìomh mhinistear mar chomharra air an eòlas a th' aca ann an raon air choreigin, me gnothachas, lagh no saidheans. Tha cuid eile agus 's e easbaigean ann an Eaglais Shasainn a th' annta, agus tha 92 nam morairean tron teaghlach aca no nan daoine le tiotalan (mar na Barain is na Biocasan no Viscounts).
An Crùn
Canar monarcachd bhun-reachdail ri siostam poilitigeach na RA leis a' monarcRìgh no Banrigh. na Cheannard Stàite.
Ach 's e Taighean na Pàrlamaid a bhios a' dèanamh nan laghan againn, agus chan e am monarc.
Image caption, An Rìgh Teàrlach III, monarc na RA an-dràsta. (PA Images / Alamy Stock Photo)
Image caption, Gach bliadhna, bidh am monarc a' dol a Thaigh nam Morairean a dh'fhosgladh seisean ùr dhen Phàrlamaid. (PA Images / Alamy Stock Photo)
1 of 2
Nuair a gheibh bileMoladh airson lagh ùr no airson lagh a th' ann atharrachadh. Phàrlamaideach Aonta RìoghailAonta foirmeil on mhonarc gum faod bile a dhol na Achd Pàrlamaid no na Achd de Phàrlamaid na h-Alba, agus ga dhèanamh na lagh., bidh e an uair sin na Achd Pàrlamaid. Tha e an uair sin an urra ris an roinn bhuntainneach dhen riaghaltas an lagh sin a chur an gnìomh. Mar eisimpleir, bidh roinn na Còmhdhail a' dèiligeadh ri Achdan ùra a' buntainn ri còmhdhail.
Chan fhaod am monarc taobh a ghabhail ann am poilitigs agus cha bhi iad a' gabhail gnothach ris a' phròiseas reachdail. Cha tug monarc Aonta Rìoghail ann am pearsa o chionn còrr is 150 bliadhna agus cha do dhiùlt iad a thoirt o chionn còrr is 300 bliadhna.
Gach bliadhna bidh am monarc a' dol a Thaigh nam Morairean a dh'fhosgladh seisean ùr dhen Phàrlamaid. Bidh am monarc a' leughadh òraid ag innse na tha an riaghaltas an dùil a dhèanamh air a' bhliadhna a tha romhpa. 'S e am Prìomhaire a bhios a' sgrìobhadh na h-òraid.
Bhidio - A' gabhail ri reachdas
Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh mar a tha laghan gan cruthachadh.
Passing legislation