Buaidh obair dhaoine air an àrainneachd nàdarraManaidseadh

Ri linn àrdachadh sluaigh a’ cur cuideam air an àrainneachd, gheibhear gainnead uisge is truailleadh, dì-choillteachadh is bochdainn. Dh’fhaodadh ro-innleachdan manaidsidh ana-caitheamh a lùghdachadh.

Part of Cruinn-eòlasCùisean cruinneil

Manaidseadh

Ro-innleachdan gus buaidh a lùghdachadh

Seasmhachd nan coilltean-uisge

Feumaidh iomadh dùthaich fo leasachadh, leithid Brasil, stòrasan na coille-uisge a chleachdadh airson gum bi iad nas leasaichte. Airson a bhith cinnteach gun tèid a' choille-uisge a ghleidheadh dha na ginealaich ri teachd, tha leasachadh seasmhach air leth riatanach gus nach bàsaich i. Tha sin a' ciallachadh gum bi gu leòr aig daoine an-dràsta airson nam feumalachdan bunaiteach aca, agus gum bi na ginealaich ri teachd an dùil ri inbhe beòshlaint pailt cho math.

Ro-innleachdan manaidsidh

  • Pàircean Nàiseanta – gabhaidh pàirt dhen choille-uisge a dhìon bho leasachadh coimearsalta le bhith a' cur laghan an gnìomh a nì cinnteach gun tèid a gleidheadh.
  • Coille-àiteachas - le craobhan agus bàrr a bhith a' fàs aig an aon àm, tha cothrom aig tuathanaich buannachd fhaotainn bho fhasgadh nan craobhan. Tha e a' cur bacadh air bleith ùire oir bidh freumhaichean nan craobhan a' cumail na h-ùir na h-àite, agus bidh am bàrr a' faotainn buannachd a' mhathachaidh bho humus nan duilleagan marbh.
  • Sgeamachan Coilltearachd Sheasmhach – anns gach pàirt de choille-uisge, thèid aig eòlaichean air obrachadh a-mach cia mheud craobh a dh'fhaodar a leagail gun milleadh buan a dhèanamh air an àrainneachd. Faodar an uair sin na craobhan sin a leagail, fhad 's a thèid an aon àireamh chraobhan ath-chur.
  • Pàirt leagail - chan eil craobhan gan leagail gus am bi iad aig àirde shònraichte. Tha seo a' ciallachadh gum bi craobhan òga beò airson ùine shònraichte agus bu chòir gum biodh a' choille-uisge aig làn inbhidheachd an ceann 30-50 bliadhna.
  • Foghlam – a' dèanamh cinnteach gu bheil na daoine agus na companaidhean a tha an lùib cleachdadh agus manaidseadh na coille-uisge a' tuigsinn na buaidh a bhios aig na tha iad a' dèanamh.
  • Ath-choillteachadh – a' cur tuilleadh chraobhan airson an sgàil-bhrat a ghleidheadh.
  • A' cumail sùil - a' cleachdadh shaidealan airson dealbhan-adhair a thogail de phàirtean dhen choille-uisge airson a bhith cinnteach gu bheil obair sam bith a tha a' dol air adhart ùghdarraichte agus seasmhach.