Ro-ràdh eòlas-leighis anns na Meadhan Aoisean
Tha ar tuigse air eòlas-leighis agus leigheas ghalaran air atharrachadh thar nan linntean. Anns na Meadhan Aoisean, cha robh fios aig duine gun robh a leithid de rud ann ri bitheaganMicro-fhàs-bheartan a dh'fhaodadh galar agus tinneas adhbharachadh. agus cha robh eòlas aig daoine air anti-seaptaigRud a bhios a' marbhadh bhitheagan. no an-fhaireachairDruga no stuth airson pian a bheagachadh no airson euslainteach a chur a chadal ro opairèisean..

Dotairean anns na Meadhan Aoisean

'S e glè bheag de dhotairean a bh' ann anns na Meadhan Aoisean. Bheireadh e 's dòcha bliadhnaichean a' trèanadh airson a bhith na do dhotair, agus aig an àm, cha robh mòran oilthighean ann.
Anns na Meadhan Aoisean, bha na prìomh oilthighean anns an Eadailt agus anns an Fhraing. Bha seo a' ciallachadh gum feumadh oileanaich à Eileanan Bhreatainn agus à dùthchannan eile siubhal ma bha iad airson eòlas-leighis a thoirt a-mach. Bhiodh seo gu math cosgail.
Airson faighinn dhan oilthigh, dh'fheumadh oileanaich ìre àrd a choileanadh ann am foghlam – dh'fheumadh iad a bhith air chomas Laideann a leughadh, a sgrìobhadh agus a thuigsinn. Cha robh mòran aig an ìre seo ann am foghlam.
Cha robh mòran sgoiltean ann aig an àm. Bha seo a' ciallachadh gum biodh na h-oileanaich a' tighinn bho theaghlaichean beairteach a b' urrainn pàigheadh airson oide prìobhaideach.
Mar thoradh air a sin, 's e glè bheag de dhotairean a bh' ann, agus an fheadhainn a bha ann, bhiodh iad a' coimhead às dèidh dhaoine beairteach.

Cùram-slàinte anns na Meadhan Aoisean

Anns na Meadhan Aoisean, bhiodh e glè chosgail a dhol gu dotair. Cha bhiodh a' mhòr-chuid de dhaoine a bha ag obair a' faighinn leigheas meadaigeach oir cha robh gu leòr airgid aca.
Mar thoradh air a sin, bha mòran dhaoine a' fulang gu mòr, agus chaochail mòran bho thinneasan agus bho euslaint a bhiodh furasta a leigheas an-diugh.
Bhon nach b' urrainn a' mhòr-cuid a dhol gu dotair, bhiodh mòran a' dol gu poitigeirNeach a bhiodh ag ullachadh agus a' reic luibhean leigheis agus leigheasan eile. no gu bean-ghlicMus robh ospadail no eòlas-leighis an latha an-diugh ann, bha mnathan-glic ann a bha nam mith-lighichean a bha air chomas tinneasan sìmplidh a leigheas agus dèiligeadh ri cùisean meadaigeach eile mar asaid (breith) leanaban. airson ìocshlaint fhaighinn dhan tinneas aca.
Glè thric 's e ìocshlaint luibhean a bhiodh a sin. Cha robh mòran trèanaidh aig an fheadhainn a bha ag obair mar phoitigeirean. Ged a bheireadh an ìocshlaint aca beagan faothachaidh, 's dòcha, cha robh cinnt sam bith gun toireadh.
Bha tòrr eòlas meadaigeach aig an àm seo a' dol bho ghinealach gu ginealach mar bheul-aithris.

Manachainnean
Mus do dh'fhàs oilthighean nas cumanta, bhiodh a' mhòr-chuid de dh'eòlas meadaigeach ri fhaotainn anns na manachainnean.
Bha lethbhreacan de leabhraichean ann an leabharlainn nam manachainnean. B' e eadar-theangachadh Laideann a bh' ann an cuid dhe na sin, de leabhraichean a chaidh a sgrìobhadh le lighichean agus le luchd-smaoineachaidh às an Ròimh agus às a' Ghrèig bho shean, agus cuideachd obair às an Ear Mheadhanach.
Cuideachd, bha gàrraidhean luibhean aig a' mhòr-chuid de mhanachainnean agus bhiodh iad a' fàs lusan a chleachdadh iad ann an deochan agus ìocshlaintean sìmplidh.
Dè na luibhean a bha air an cleachdadh airson ìocshlaint?
Bha a' mhòr-chuid de na h-ìocshlaintean anns na Meadhan Aoisean stèidhichte air lusan. Bha luibhean ann a ghabhadh cleachdadh airson a h-uile tinneas.
- Bha lus a' choire air a chleachdadh airson fiabhras.
- Bha sàiste air a chleachdadh airson nimhean agus puinnseanan a ghlanadh a-mach às a' bhodhaig.
- Bha camamhail air a chleachdadh gus daoine a chuideachadh gu cadal agus cuideachd airson droch stamag.
Eòlas-leighis o shean
Mus do nochd daoine a bha cudromach ann an eòlas-leighis mar Hippocrates agus Galen, bha an rud ris an cante eòlas meadaigeach stèidhichte air reuladaireachd, creideamh agus saobh-chràbhadh.
Hippocrates

Chanadh dotairean nam meadhan aoisean 'Athair na Dotaireachd' ri Hippocrates, an lighiche bhon Ghrèig o Shean. B' esan fear dhe na ciad dhotairean a bha a' creidsinn gun robh adhbhar nàdarra aig galaran agus tinneasan seach adhbharan saobh-chràbhach.
Bha am modh-obrach aig Hippocrates a thaobh dotaireachd an urra ri bhith a' beachdachadh air an euslainteach airson comharran an tinneis a sheòrsachadh agus aithneachadh.
Tha e ainmeil airson bòid na dotaireachd a chaidh ainmeachadh air – Bòid Hippocrates. 'S e riaghailtean beusach a tha sa bhòid ris am bi dotairean a' gabhail agus a' cumail nuair a thòisicheas iad ag obair ann an eòlas-leighis. Fon bhòid, bidh dotairean a' gealltainn gun dìon iad slàinte agus ùidhean nan euslaintich aca.
Ghabh dotairean air feadh na Roinn Eòrpa agus san t-saoghal Islamach ri dòighean Hippocrates fada an dèidh dha bàsachadh.

Galen

Bha Galen na dhotair anns an Ròimh san 2ra linn agus b' e an dotair a bh' aig iomadh Ìmpire Ròmanach. Bha tòrr dhen dotaireachd aig Galen stèidhichte air an obair a rinn dotairean Greugach, mar Hippocrates, na bu tràithe.
B' e fosgladhA' gearradh rud agus ga fhosgladh airson structaran an taoibh a-staigh aige a sgrùdadh. bheathaichean airson sgrùdadh, agus a' cur na fhuair e a-mach an sàs a thaobh dhaoine, am prìomh rud a chuir Galen ri eòlas-leighis.
Fhuair e a-mach fiosrachadh cudromach mu chuairteachadh na fala anns an dòigh seo, agus mar a tha an cnàimh-droma ag obrachadh. Fhuair e a-mach cuideachd gu bheil mùn air a dhèanamh anns na h-àirnean agus nach ann san aotroman mar a bha dùil.
Bha buaidh mhòr aig Galen ann an leudachadh teòiridhean Hippocrates mu na ceithir lionntan. Bha buaidh mhòr aig na sgrìobhaidhean meadaigeach aige, agus bha na beachdan agus na modhan meadaigeach aige gan cur gu feum fad nan ceudan bhliadhnaichean.

Na ceithir lionntan
Bha Galen a' creidsinn gun robh ceithir lionntan cudromach anns a' bhodhaig.
B' e na ceithir lionntan:
- sglongaid
- fuil
- domblas buidhe
- domblas dubh
Nam biodh na lionntan cothromaichte, bhiodh an duine fallain, ach nam biodh cus de dh'aon lionn ann, thigeadh tinneas.
- Ma bha sruth à sròn duine, b' ann air sgàth cus sglongaid anns a' bhodhaig.
- Ma bha sròn duine a' leum, b' ann air sgàth cus fala.
Bha e cudromach bodhaig euslaintich a chumail cothromaichte. Bha seo air a dhèanamh le bhith a' toirt air falbh lionn a bharrachd. B' e leigeil-fala an dòigh a bu chumanta a bhiodh dotairean anns na Meadhan Aoisean a' cleachdadh.
Bha dà dhòigh ann air fuil a leigeil à duine. An dara cuid bha cuisle euslaintich ga fosgladh agus ga drèanadh thar ùine, no bhiodh iad a' cur dhealan air bodhaig an euslaintich airson fuil a shùghadh asta.
Buaidh Islam

Dh'atharraich smuaintean air eòlas-leighis anns an Roinn Eòrpa nuair a thàinig daoine an lùib cultar Islam anns an Ear-Mheadhanach.
Thòisich sgoilearan Islamach, mar Hunayn ibn Ishaq, ag eadar-theangachadh teòiridhean Galen, agus an uair sin gan cleachdadh.
Nuair a thòisich barrachd is barrachd a' leughadh nan teòiridhean aig Galen san t-saoghal Islamach, thòisich mòran a' càineadh nam beachdan aige agus thug iad am beachdan fhèin am follais.
B' e Abū Bakr Muḥammad ibn Zakariyyāʾ al-Rāzī, fear dhe na sgoilearan a bha an sàs ann an dotaireachd anns an 10mh linn anns an dùthaich ris an canar Iran an-diugh.
Cha robh al-Rāzī dhen bheachd gun robh obair Galen uile-chuimseach. Bha e dhen bheachd gum bu chòir do dhotairean a bhith a' dèiligeadh ri gach euslainteach fa leth seach dìreach a bhith a' dèiligeadh ri comharran tinneis, agus gun robh daithead agus slàintealachd cudromach airson leigheas luath.
Nuair a bha al-Rāzī a' dèiligeadh ri euslaintich, bha e a' dèanamh cinnteach gun robh an rùm aig teòthachd iomchaidh agus gun robh èadhar ghlan anns an rùm.
'S ann aige cuideachd a tha an cliù airson an diofar eadar a' bhreac agus a' ghriùthrach aithneachadh – dà ghalar a dh'fhaodadh sgaoileadh gu luath agus daoine a mharbhadh.
Chaidh mòran dhe na teòiridhean aige eadar-theangachadh gu Laideann agus thàinig iad dhan Roinn Eòrpa far an tug iad buaidh air leasachadh dotaireachd.

Geàrr-chunntas
Cha robh eòlas-leighis anns na Meadhan Aoisean uabhasach adhartach an taca ris an latha an-diugh.
Cha robh mòran eòlais aig daoine mu bhitheagan, mu dè bha ag adhbharachadh galarachadh agus mar a tha a' bhodhaig ag obrachadh no bha na beachdan ceàrr.
Ach air sgàth na buaidh aig dotairean leithid Hippocrates agus Galen, bha eòlas-leighis air tòiseachadh air gluasad air falbh bho shaobh-chràbhadh gu dotaireachd a bha na bu phroifeiseanta agus stèidhichte air saidheans:
- bha dotairean a' beachdachadh agus a' toirt fainear nan comharran a bha air euslaintich
- bha iad a' sgrìobhadh mu na tinneasan agus an ìocshlaint a chleachd iad
- ghabhadh am fiosrachadh seo a cho-roinn air feadh na Roinn Eòrpa ann an leabhraichean agus sgrìobhainnean eile
- thuig iad gun robh adhbharan fiosaigeach aig tinneasan agus galaran
- le bhith a' fosgladh bheathaichean airson an sgrùdadh, thàinig eòlas-bodhaig agus bith-eòlas air adhart.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Eòlas-leighis tro na linntean
Find out more by working through a topic
- count4 of 8
- count5 of 8