Coltachd
Le coltachd, bidh sinn a' tomhas dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin.
Faodar coltachd a chleachdadh gus tuairmse a thoirt air dè cho coltach 's a tha buil air choreigin, mar eisimpleir, nuair a bhios tu a' sadail dìsinn no bonn airgid.
Bidh sinn tric a' cleachdadh fhaclan àraidh airson innse dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin.
Mar eisimpleir, 's dòcha gun can sinn gu bheil e coltach gum bi i grianach a-màireach, no nach eil e glè choltach gum bi sneachd ann san Lùnastal.
Coimhead air na seantansan gu h-ìosal agus smaoinich a bheil gach nì: cinnteach, coltach, glè choltach, cothromach (chan eil e coltach no neo-choltach), neo-choltach, glè neo-choltach no do-dhèante.
- Ma cheannaicheas tu tiogaid crannchuir, gheibh thu an duais as motha.
- Ma thilgeas tu bonn airgid, gheibh thu an ceann.
- Bidh an Nollaig ann air 25 Dùbhlachd am-bliadhna.
- Fàsaidh sròn eile ort.
- Bidh an t-uisge ann sa chiad sheachdain dhen Dùbhlachd.
Question
Ann an gèam, tha \(7\) grìogagan le àireamhan bho \(1\) gu \(7\) ann am poca.
Nuair a bheir thu grìogag a-mach, feumaidh tu tomhas co-dhiù am bi an àireamh air an ath tè a thig a-mach nas motha no nas lugha, agus mar sin air adhart.
Gach turas, tagh facal freagarrach bhon liosta a leanas agus cuir crìoch air an t-seantans:
- cinnteach
- coltach
- glè choltach
- neo-choltach
- glè neo-choltach
- do-dhèante
Cuimhnich nach eil ann ach aon dhe gach àireamh.
1. Mas e \(7\) a th' anns a' chiad ghrìogaig, dè cho coltach 's a tha e gum bi an dara grìogag nas lugha na \(7\)?
2. Mas e \(1\) a tha san dara grìogaig, dè cho coltach 's a tha e gum bi an treas grìogag nas lugha na \(2\)?
3. Mas e \(6\) a th' anns an treas grìogaig, dè cho coltach 's a tha e gum bi an ath ghrìogag nas motha na \(4\)?
1. 'S e \(7\) a th' anns a' chiad ghrìogaig. Dè cho coltach 's a tha e gum bi an an ath ghrìogag nas lugha na \(7\)?
'S e: \(6,\,5,\,4,\,3,\,2\,agus\,1\) na h-àireamhan a th' air fhàgail.
Mar sin tha a' choltachd gum bi an 2ra grìogag nas lugha na \(7\) cinnteach.
2. 'S e \(1\) an 2ra grìogag. 'S e na h-àireamhan a th' air fhàgail: \(2,\,3,\,4,\,5,\,agus\,6\).
Tha e do-dhèanta gum bi an ath ghrìogag nas lugha na \(2\).
3. 'S e \(6\) an treas grìogag. 'S e na h-àireamhan a th' air fhàgail: \(2,\,3,\,4\,agus\,5\).
Tha e neo-choltach gum bi an ath ghrìogag nas motha na \(4\).