Tagh agus dèan obrachaidhean san òrdugh cheart a rèir cudrom a’ cleachdadh 'riaghailtean' CÒRICT (Camagan, an uair sin Òrdugh de Roinn, Iomadaich, Cuir-ris agus Thoir-air-falbh).
Part of MatamataigÀireamhachd
Save to My Bitesize
Save guides, add subjects and pick up where you left off with your BBC account.
Tha CÒRICT a' ciallachadh 'camagan', 'òrdugh', 'roinn', 'iomadaich', 'cuir-ris' agus 'thoir-air-falbh'. Tha an t-òrdugh anns an dèan thu obrachadh glè chudromach.
Dè th' ann an \(2 + 3 \times 4\) ?
Ma dh'obraicheas sinn a-mach a' phàirt \(2 + 3\) an toiseach, gheibh sinn:
\((2 + 3) \times 4\)
\(= 5 \times 4 = 20\)
Ma dh'obraicheas sinn a-mach a' phàirt \(3 \times 4\) an toiseach, gheibh sinn:
\(2 + (3 \times 4)\)
\(= 2 + 12 = 14\)
Tha an dà fhreagairt seo eadar-dhealaichte – ach dè am fear a tha ceart?
Tha CÒRICT ag ràdh gu bheil 'iomadaich' a' tighinn ro 'cuir-ris'; mar sin 's e an dara freagairt a tha ceart:
\(2 + 3 \times 4 = 2 + 12 = 14\)