Ro-ràdh air Sìona
'S e Sìona an treas dùthaich as motha air an t-saoghal a thaobh farsaingeachd. Tha aon neach às gach còignear air an t-saoghal (1.4 billean) a' fuireach ann an Sìona. Gu 2023, b' e Sìona an dùthaich leis an àireimh-sluaigh a bu mhotha air an t-saoghal ach ghabh an uair sin na h-Innseachan an t-àite sin.
Ann an 2022, thàinig còrr is leth de ghual an t-saoghail à Sìona agus rinn iad faisg air trian de lùth ath-nuadhachail an t-saoghail. 'S e Sìona an dùthaich as motha a tha a' dèanamh de bhathar air an t-saoghal, le 20% de bhathar dèanta an t-saoghail ann an 2022, le luach còrr is $2 thrillean.
Tha an treas àireamh as motha de bhuill-airm niuclasach aig Sìona, ach tha seo nas lugha na 10% dhe na th' aig an Ruis no aig na SA. 'S e am People's Liberation Army an fheachd as motha air an t-saoghal le còrr is dà mhillean neach ann an seirbheis cogaidh. 'S e Sìona a tha san dara àite air an t-saoghal a thaobh cosg armailteach an dèidh nan SA.
'S e Beijing am prìomh-bhaile agus 's ann a tha an riaghaltas stèidhichte.
Ciamar a tha Sìona air atharrachadh?
'S e dùthaich a th' ann an Sìona a tha ag atharrachadh gu luath. Fad linntean, bha a’ mhòr-chuid de mhuinntir Shìona a’ fuireach agus ag obair air an dùthaich.
Anns na 1980an, cha robh ach 19.4 de shluagh Shìona a' fuireach ann am bailtean mòra. Dh'adhbharaich fàs eaconamach agus gnìomhachasail fàs luath ann am bailteachadh, agus ann an 2022, bha seo air a dhol suas gu mòr gu 65.2 sa cheud. (Stòr: Statista)
A rèir a' World Population Review, b' e 29,210,808 àireamh-sluaigh Shanghai, am baile as motha, ann an 2023.
Dh'fhàg mòran dhaoine an dùthaich airson obair le pàigheadh nas fheàrr a lorg ann an gnothachasan ùra sna bailtean.
Ann an 2020, a rèir Statista:
- bha mu 23.6% de mhuinntir Shìona ag obair ann an roinn an àiteachais
- 28.7% ann an roinn a' ghnìomhachais
- 47.7% ann an roinn nan seirbheisean (dhan riaghaltas, ann am bùithtean agus msaa)
Ann an 2020, bha an teachd-a-steach cuibheasach air an dùthaich mu £2,000 sa bhliadhna. Anns na mòr-bhailtean, tha an teachd-a-steach còrr is dà uiread sin aig £5,000 sa bhliadhna. Tha beagan dhe na Sìonaich beairteach, no uabhasach beairteach, agus tha àireamh nan daoine beairteach a' dol suas.
Tha mu 5.3 millean milleanair ann an Sìona, san dara àite an dèidh nan SA.