Dè a' phàirt a tha aig deamocrasaidh ann an Sìona?
Leasachadh deamocratach

Thuirt ceannardan Shìona iomadh turas nach biodh deamocrasaidh mar a th' air an taobh an Iar idir ann an Sìona. Tha sin a' ciallachadh nach eil ceannardan an CCP deònach gabhail ri taghaidhean saora no poilitigs le iomadh partaidh, mar a tha againn san RA. Ach tha an CCP a' tuigsinn gum feum cothrom a bhith aig na ceannardan aca dèanamh a rèir 's dè tha a dhìth air daoine. Tha iad air sin a dhèanamh sna dòighean a leanas.
Taghaidhean sna bailtean
O chionn còrr is 25 bliadhna tha a' chòir air a bhith aig muinntir Shìona riochdairean a thaghadh airson nam mòr-bhailtean agus nam bailtean beaga.
Ach tha a' mhòr-chuid dhe na riochdairean nam buill dhen CCP, agus bidh an CCP a' cumail sùil gheur air riochdairean nach eil nam buill. Bidh an CCP cuideachd a' cumail sùil air pròiseas an taghaidh.
Ged a dh'fhaodas tagraichean neo-eisimeileach (nach eil ann an CCP) seasamh anns na taghaidhean seo, tha iad glè thric air am bacadh bho bhith a' dèanamh sin agus cha bhi iad a' faighinn mòran shuidheachain. Am measg nan adhbharan a tha tagraichean air am bacadh tha maoidheadh, eagal agus cur an grèim.

'Deamocrasaidh bheachdachail'
Chaidh feuchainn ri cothrom a thoirt do mhuinntir Shìona am beachdan a thoirt seachad ann am buidhnean fòcas – buidhnean beaga a bhios a' toirt am beachdan seachad ann an rannsachadh – agus ann an cunntasan bheachd am measg a' phobaill. Tha sin air cothrom a thoirt do dhaoine beachd a thoirt agus air cothrom a thoirt dhan CCP poileasaidh a dhealbh airson dèiligeadh ri draghannan dhaoine.
Ballrachd a' CCP air a leudachadh
Chaidh ballrachd a' phartaidh a leudachadh airson gum biodh cothrom aig barrachd dhaoine pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean.
A' togail fianais gu poblach
Anns na bliadhnachan mu dheireadh tha daoine ann an Sìona air a bhith a' togail fianais nas trice am measg an t-sluaigh no air an t-sràid ('tachartasan mòr-shluaigh'). Tha a' chuid as motha dhe na tachartasan sin co-cheangailte ri coirbeachd no ri truailleadh na h-àrainneachd.
Ann an 2022, bha mòran a' togail fianais air feadh Shìona co-cheangailte ri riaghailtean covid Shìona. Chaidh luchd-togail-fianais a lorg agus a chur an grèim agus tha cuid air a dhol air chall an dèidh do luchd-iomairt càineadh poblach a dhèanamh air Xi Jinping agus an CCP. (Stòr: BBC News)