Riaghaltas Shìona agus còraichean daonnaDè an seòrsa riaghaltais a th' ann an Sìona?

'S e Sìona an treas dùthaich as motha air an t-saoghal a thaobh farsaingeachd. Tha aon às gach còignear air an t-saoghal (1.4 billean) a' fuireach ann. Gu 2023, b' e Sìona an dùthaich leis an àireimh-sluaigh a bu mhotha air an t-saoghal ach ghabh an uair sin na h-Innseachan an t-àite sin. 'S e stàit chomannach le aon-phartaidh a th' innte.

Part of Nuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Dè an seòrsa riaghaltais a th' ann an Sìona?

Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh siostam poilitigeach Shìona agus Partaidh Comannach Shìona.

China's political system

Dè th' ann am Partaidh Comannach Shìona?

Bho 1949, tha Partaidh Comannach Shìona (the Communist Party of China), cuideachd aithnichte mar an Chinese Communist Party no CCP, air a bhith a' riaghladh ann an Sìona.

Mao Zedong
Figure caption,
Chaidh Poblachd Muinntir Shìona (The People's Republic of China) a stèidheachadh ann an 1949 nuair a ghabh am Partaidh Comannach smachd fo stiùireadh Mao Zedong.

'S e stàit le aon phartaidh a th' ann an Sìona. Chan eil an CCP air a thaghadh, ach bidh e an-còmhnaidh san riaghaltas seach gu bheil smachd aige air an arm agus air feachd a' phoilis. Bidh an CCP a' cumail dlùth smachd air pàipearan-naidheachd, stèiseanan rèidio is telebhisean agus bidh iad a' cumail smachd air na gheibh daoine air an eadar-lìon. Tha na meadhanan ann an Sìona air cuid dhen fheadhainn as motha air a bheil riaghaltas a' cumail smachd air an t-saoghal.

Dè th' ann an comannachd?

Ann an 1949, fo , chaidh Sìona na dùthaich chomannach. Bha sin a' ciallachadh gun do ghabh an riaghaltas smachd air an fhearann, factaraidhean, gnìomhachasan agus buidhnean eile às leth nan daoine. Cha robh a leithid de rud ann ri seilbh phrìobhaideach no seilbh dhaoine fa leth. Nuair a bha Partaidh Comannach Shìona a' riaghladh, bha na daoine ag obair gu math a h-uile duine. A rèir Mao, cha robh e ceart do dhuine a bhith a' faighinn air adhart e fhèin gun ghuth air daoine eile.

Ciamar a tha Sìona air a ruith an-diugh?

Eucoltach ris an RA, chan e deamocrasaidh a th' ann an Sìona. Tha Pàrlamaid Shìonach ann Còmhdhail Nàiseanta nan Daoine (the National People's Congress no NPC) a bhios a' dèanamh reachdas (laghan), ach chan ann sa phàrlamaid a bhios co-dhùnaidhean air an dèanamh. 'S e am Partaidh Comannach a bhios a' dèanamh cho-dhùnaidhean dhan dùthaich.

Ann an 2018, chaidh lagh a chur an gnìomh airson cur às dhan bhacadh dà theirm a bha air Ceann-suidhe Shìona. Tha seo a' ciallachadh gum faod an Ceann-suidhe Xi Jinping a bhith na cheannard fad a bheatha. Chaidh am bacadh a stèidheachadh bho thus gus nach b' urrainn ceannard Sìonach sam bith fàs cho làidir agus cho cumhachdach ri Mao, ach chaidh cur às dhan sin a-nis. 'S e a-nis an ceannard Sìonach as làidire bho bha Mao ann.

President Xi Jinping
Image caption,
President Xi Jinping.

Dè an structar a tha air Partaidh Comannach Shìona?

'S e am am buidheann as cudromaiche ann am Partaidh Comannach Shìona. Tha am Politburo a' gabhail a-steach nam ball as eòlaiche sa Phartaidh Chomannach, agus nam measg tha rùnaire coitcheann a' Phartaidh Chomannaich (an-dràsta an Ceann-suidhe Xi Jinping). Is esan ceannard a' phartaidh is na dùthcha. Ann an teòiridh tha buill a' Pholitburo air an taghadh. Ach dha-rìribh tha iad air an cur nan dreuchd le feadhainn a tha mar-thà nam buill dhen Pholitburo.

Aon uair 's gun tig am Politburo gu co-dhùnadh, 's àbhaist gun cuir pàrlamaid Shìona no Còmhdhail Nàiseanta nan Daoine (NPC) dhan lagh e. Tha mòran dhaoine air an taobh an Iar a' smaoineachadh air an NPC mar àite anns am bi deasbadan gan cumail, daoine a' toirt am beachdan agus a' sgrìobhadh laghan a dh'aontaich an CCP. Ach chan eil dha-rìribh cumhachd aig an NPC airson co-dhùnaidhean a dhèanamh.

Nuair a chuireas an NPC laghan an gnìomh, faodar an uair sin co-dhùnaidhean a chur sìos gu na mòr-roinnean agus gu na bailtean, gu na cùirtean no gu na feachdan armaichte.

Am Partaidh Comannach. Mòr-dhail Nàiseanta nan Daoine.