Àrd-thalamh clach-aoilÀrd-thalamh clach-aoil – feartan air an uachdar

Tha feartan àrd-thalamh clach-aoil feumail ann an gnìomhachas, tuathanachas, cur-seachadan is turasachd. Le còmhstri mu chleachdadh-fearainn a’ nochdadh, feumar ro-innleachdan gus dèiligeadh riutha.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan fiosaigeach

Àrd-thalamh clach-aoil – feartan air an uachdar

Cabhsairean clach-aoil

Feartan cabhsair clach-aoil
Figure caption,
Feartan cabhsair clach-aoil
  • Rè amannan eigheachaidh, chaidh an ùir uachdair a sgrìobadh air falbh le sgrìobadh eigheadail agus nochd a' chreag lom a bha gu h-ìosal.
  • Seach gur e creag dhrùidhteach a th' ann an clach-aoil, thèid aig uisge air sùghadh sìos tro na sgàinidhean sa chreig.
  • 'S e searbhag lag, charbonaig a th' ann an uisge an adhair agus bidh an t-uisge ag iom-obrachadh cuide ris a' chlach-aoil nuair a bhios e a' dol tron chreig. Bidh e a' leaghadh na cloiche, a' dèanamh nam beag-sgàinidhean is nan raointean-leabachaidh nas motha.
  • Air an uachdar, bidh sìde-chaitheamh cheimigeach a' dèanamh nan sgàinidhean nas leatha agus nas doimhne agus a' cruthachadh sgoltaidhean.
  • Tha sin a' fàgail bhlocaichean de chlach-aoil air an uachdar cliontaichean. Canar cabhsair clach-aoil ris a' phàtran de bhlocaichean creige a tha sin ag adhbharachadh, me Monadh Malham.
Cabhsair clach-aoil sna Yorkshire Dales
Image caption,
Cabhsair clach-aoil sna Yorkshire Dales

Tuill-creige/tuill-slugaidh

Gaping Gill, Ingleborough, Siorrachd Iorc a Tuath
Image caption,
Gaping Gill, Ingleborough, Siorrachd Iorc a Tuath
  • Cha bhi uisge a' sruthadh fada air clach-aoil air an uachdar oir bidh e a' dol dhan chreig agus dhan ùir gu math luath.
  • Far an tug tòrr sìde-chaitheamh no leaghadh buaidh air beag-sgàineadh no trasnadh de bheag-sgàinidhean, thèid aig uisge air a dhol sìos tron chlach-aoil.
  • Thèid sruthan a bhios a' sruthadh thar creag neo-dhrùidhteach à sealladh gu math luath nuair a dh'fheumas e sruthadh thairis air clach-aoil.
  • Faodaidh iomadh meatair a dhoimhneachd a bhith sna tuill-slugaidh agus faodaidh iad a bhith a' dol sìos gu iomadh feart fo-thalamh.
  • Sna Yorkshire Dales tha Gaping Gill na eisimpleir de tholl-slugaidh.

Drèanadh bho àm gu àm

Àrd-thalamh clach-aoil - drèanadh bho àm gu àm

Gaoidean agus Sgàirneach

Yorkshire Dales
Figure caption,
Na Yorkshire Dales

'S e bearraidhean fosgailte de chlach-aoil a th' ann an gaoidean. Chaidh an cruthachadh san linn deighe mu dheireadh nuair a sgrìob clàran mòra deighe air falbh na sporan a bh' air an còmhdachadh le ùir ann am mòran de ghlinn sna Yorkshire Dales.

Bidh obair reothadh is aiteamh a' toirt buaidh air na beag-sgàinidhean a tha pailt sa chlach-aoil. Bidh uisge a' dol dha na sgàinidhean agus ma reothas e, bidh e a' meudachadh. Mar a bhios an t-uisge a' meudachadh, bidh na sgoltaidhean cuideachd a' fàs nas motha.

Nuair a bhios reothadh is aiteamh a' tachairt a-rithist agus a-rithist, bidh pàirt dhen chreig mu dheireadh a' briseadh air falbh agus aig bonn na gaoid bidh talus no leathad de sgàirneach air a chruthachadh. Chithear fìor eisimpleir de dhealbh-tìre gaoideach aig Twistleton Scar, sna Yorkshire Dales.

Eisimpleir de cheist

Comharraich na feartan air an diagram le bhith gam maidseadh ri ainmean nam feartan a tha a' nochdadh.

¿rd-thalamh Clach-aoil, feartan air an uachdar
Figure caption,
Àrd-thalamh clach-aoil, feartan air an uachdar