Cuspair sgrùdaidh air Na Yorkshire Dales
Cleachdadh-fearainn
Pàirc nàiseanta sna Yorkshire Dales
Bidh dè cho cudromach 's a tha gach seòrsa cleachdadh-fearainn ag atharrachadh a rèir nàdar nan creagan agus an dealbh-tìre fiosaigeach. Bidh stòradh agus solar uisge nas cudromaiche ann an sgìre eighichte, mar Sgìre nan Lakes, na bhios e ann an sgìre clach-aoil mar na Yorkshire Dales.
Tha trì seòrsachadh cleachdadh-fearainn uabhasach cudromach sna Yorkshire Dales, agus 's iad sin tuathanachas, gnìomhachas agus cur-seachadan. Bheir sinn sùil orra fear mu seach.
Tuathanachas
Na Yorkshire Dales: tuathanachas
Tha sìde nach eil ro mhath air àrd-thalamh, dìth uisge uachdair (air sgàth 's gu bheil clach-aoil drùidhteach), ùir thana agus creag lom (far a bheil cabhsair clach-aoil) a' ciallachadh nach gabh bàrr fhàs. Tha tuathanachas sna Yorkshire Dales a' gabhail a-steach ionaltradh chaorach air an àrd-thalamh, crodh bainne a bhios ag ithe ann an achaidhean air ùrlair nan gleann, agus ballachan agus saibhlean cloiche. Bha aig mòran thuathanach ri dhol an sàs ann an iomairtean eile airson barrachd teachd-a-steach fhaotainn bhon tuathanachas, me taighean shaor-làithean.
Gnìomhachas
Na Yorkshire Dales: obair cuaraidh
Tha obair cuaraidh na ghnìomhachas cudromach sna Yorkshire Dales, agus tha mu 4.5 tunna creige ga chladhach gach bliadhna. 'S e na prìomh chreagan clach-aoil charboniferous agus clach-ghrinneal. Tha a' chuid as motha dhen chreig air a cleachdadh ann an gnìomhachas togail. 'S e Cuaraidh Swinden tè dhen fheadhainn as motha agus tha mu 70 neach ag obair innte. Tha aonadan beaga le sàr theicneòlas cuideachd ann a' Hawes.
Cur-seachadan agus turasachd
Na Yorkshire Dales: cur-seachadan agus turasachd
Bidh daoine a' tadhal air na Yorkshire Dales air sgàth dealbh-tìre agus seallaidhean iongantach, mar Malham Cove, Goredale Scar agus na h-easan aig Aysgarth agus Ingleton. Is toigh le daoine a bhith a' tadhal air bailtean beaga, tarraingeach mar Malham agus a bhith a' faighinn a-mach mu eachdraidh na sgìre ann an Taigh-tasgaidh Dùthchail nan Dales. Bidh luchd-turais agus sgoilearan a' tadhal air na h-uaimhean de chlach-aoil, me Uaimhean White Scar Caves airson gum faic iad mòran de chluigein-cloiche mar Teanga na Bana-bhuidsich. Tha coille meadhanach nàdarra le seann chraobhan, slighean agus fiadh-bheatha gu leòr ann am Freeholders' Wood. Bidh mòran dhaoine a' tighinn ann airson a dhol a choiseachd nan cnoc, agus tha mòran cheuman coiseachd san sgìre. Tha cur-seachadan eile cuideachd sna Yorkshire Dales mar pot-holing, uamhaireachd, sreap chreagan, baiceadh beinne agus marcachd.
Duilgheadas agus fuasgladh co-cheangailte ri cleachdadh-fearainn
Na Yorkshire Dales: duilgheadas agus fuasgladh
Air sgàth na th' ann de dhiofar seòrsachan cleachdadh-fearainn, bidh duilgheadas uaireannan ag èirigh. Tha a' chuid as motha dhe na duilgheadasan sin air sgàth àireamh mhòr, mhòr de luchd-turais a bhith a' tighinn dhan sgìre. Bheir sinn sùil air a dhà dhiubh agus air na diofar ro-innleachdan manaidseachd a chaidh a dhealbh airson na duilgheadasan a lùghdachadh.
Strì 1: Muinntir an Àite v Luchd-turais
Duilgheadas | Fuasgladh |
Tha na cabhsairean clach-aoil a' caitheamh rè ùine, agus bidh a' chlach a' falbh air sgàth 's gu bheil àireamh an luchd-tadhail cho fìor mhòr | Tha reachdas agus seirbheis luchd-gleidhidh ann airson na cabhsairean clach-aoil a dhìon |
Tha trafaig dhùmhlaichte cho dona air rathaidean faisg air prìomh àitichean, mar Malham Cove, 's gu bheil e doirbh do mhuinntir an àite gluasad, gu h-araidh aig àm trang an t-seusain | Tha daoine air am brosnachadh gu bhith a' cleachdadh sheirbheisean mar am Postbus agus an Dales Bike Bus, a bheir leis 24 baidhsagalan |
Tha barrachd charbadan a' ciallachadh barrachd fuaim agus truailleadh èadhair bho phìoban nan càraichean | Tha saidhcleadh air a bhrosnachadh sa phàirc le grunn shlighean do bhaidhsagalan |
Tha barrachd iarraidh ann airson parcadh chàraichean na th' ann de dh'àitichean agus mar sin bidh daoine a' parcadh air na fàil fheòir | Bidh cuid de thuathanaich a' leigeil le càraichean parcadh ann an cuid de dh'achannan nuair a tha e uabhasach trang. Bidh Iùl Luchd-tadhail nan Dales a' toirt comhairle do luchd-turais air mar a bu chòir dhaibh a bhith faiceallach mun àrainneachd |
Chaidh slighean-coiseachd a mhilleadh, gu h-àraidh timcheall Malham Cove agus Gordale Scar | A' cur uachdar air slighean trang agus a' togail steapaichean suas taobh Malham Cove, gus bacadh a chur air a' chòrr bleith |
Tha sgudal a' milleadh sealladh na sgìre | Chaidh bionaichean a thoirt air falbh airson daoine a bhrosnachadh gu sgudal a thoirt dhachaigh leotha |
Tha prìsean thaighean sna bailtean a' dol suas air sgàth 's gu bheil daoine airson tighinn a dh'fhuireach dhan bhaile, agus cuideachd seach gu bheil daoine ann a tha ag iarraidh dara dachaigh; feumaidh òigridh gluasad air falbh air sgàth prìsean nan taighean a bhith a' dol suas | Bidh an riaghaltas nàiseanta a' cuideachadh dhaoine a tha a' ceannach airson a' chiad uair tro sgeamachan ceannach thaighean nach eil ro dhaor |
Sgìrean a' coimhead mì-nàdarra nuair a thèid goireasan luchd-turais, soidhnichean agus slighean-coiseachd a thogail | Àitichean a tha mòr-tharraingeach a sgaoileadh thar sgìre nas motha, agus faodaidh an t-ùghdarras ionadail cead dealbhachaidh a dhiùltadh do leasachadh mì-shealltanach sam bith a tha a' dol an aghaidh amasan na pàirc nàiseanta |
Duilgheadas | Tha na cabhsairean clach-aoil a' caitheamh rè ùine, agus bidh a' chlach a' falbh air sgàth 's gu bheil àireamh an luchd-tadhail cho fìor mhòr |
---|---|
Fuasgladh | Tha reachdas agus seirbheis luchd-gleidhidh ann airson na cabhsairean clach-aoil a dhìon |
Duilgheadas | Tha trafaig dhùmhlaichte cho dona air rathaidean faisg air prìomh àitichean, mar Malham Cove, 's gu bheil e doirbh do mhuinntir an àite gluasad, gu h-araidh aig àm trang an t-seusain |
---|---|
Fuasgladh | Tha daoine air am brosnachadh gu bhith a' cleachdadh sheirbheisean mar am Postbus agus an Dales Bike Bus, a bheir leis 24 baidhsagalan |
Duilgheadas | Tha barrachd charbadan a' ciallachadh barrachd fuaim agus truailleadh èadhair bho phìoban nan càraichean |
---|---|
Fuasgladh | Tha saidhcleadh air a bhrosnachadh sa phàirc le grunn shlighean do bhaidhsagalan |
Duilgheadas | Tha barrachd iarraidh ann airson parcadh chàraichean na th' ann de dh'àitichean agus mar sin bidh daoine a' parcadh air na fàil fheòir |
---|---|
Fuasgladh | Bidh cuid de thuathanaich a' leigeil le càraichean parcadh ann an cuid de dh'achannan nuair a tha e uabhasach trang. Bidh Iùl Luchd-tadhail nan Dales a' toirt comhairle do luchd-turais air mar a bu chòir dhaibh a bhith faiceallach mun àrainneachd |
Duilgheadas | Chaidh slighean-coiseachd a mhilleadh, gu h-àraidh timcheall Malham Cove agus Gordale Scar |
---|---|
Fuasgladh | A' cur uachdar air slighean trang agus a' togail steapaichean suas taobh Malham Cove, gus bacadh a chur air a' chòrr bleith |
Duilgheadas | Tha sgudal a' milleadh sealladh na sgìre |
---|---|
Fuasgladh | Chaidh bionaichean a thoirt air falbh airson daoine a bhrosnachadh gu sgudal a thoirt dhachaigh leotha |
Duilgheadas | Tha prìsean thaighean sna bailtean a' dol suas air sgàth 's gu bheil daoine airson tighinn a dh'fhuireach dhan bhaile, agus cuideachd seach gu bheil daoine ann a tha ag iarraidh dara dachaigh; feumaidh òigridh gluasad air falbh air sgàth prìsean nan taighean a bhith a' dol suas |
---|---|
Fuasgladh | Bidh an riaghaltas nàiseanta a' cuideachadh dhaoine a tha a' ceannach airson a' chiad uair tro sgeamachan ceannach thaighean nach eil ro dhaor |
Duilgheadas | Sgìrean a' coimhead mì-nàdarra nuair a thèid goireasan luchd-turais, soidhnichean agus slighean-coiseachd a thogail |
---|---|
Fuasgladh | Àitichean a tha mòr-tharraingeach a sgaoileadh thar sgìre nas motha, agus faodaidh an t-ùghdarras ionadail cead dealbhachaidh a dhiùltadh do leasachadh mì-shealltanach sam bith a tha a' dol an aghaidh amasan na pàirc nàiseanta |
Strì 2: Luchd-turais v Gnìomhachas
Duilgheadas | Fuasgladh |
Tha cuaraidhean a' coimhead grànda agus tha iad a' milleadh bòidhchead nàdarra na sgìre | Faodaidh Ùghdarrasan nam Pàircean Nàiseanta iarraidh air companaidhean cuaraidhean fhalach air cùl chraobhan gus nach bi iad a' coimhead cho grànda, me Cuaraidh Ingleton |
Tha na làraidhean mòra a bhios a' giùlan na cloich a thig à cuaraidh ag adhbharachadh tòrr truailleadh èadhair | A' brosnachadh cleachdadh an rèile, me ag ùrachadh goireasan an rèile aig Cuaraidh Swinden faisg air Skipton. A' cur còmhdach air luchdan làraidhean a' lùghdachadh duslach |
Tha làraidhean a bhios a' giùlan na cloich a thig à cuaraidh ag adhbharachadh trafaig dhùmhlaichte air rathaidean cumhang air an dùthaich | Faodar gluasad làraidhean a chumail ri uairean àraidh dhen latha |
Tha spreadhadh chreagan ag adhbharachadh truailleadh fuaim | Faodar spreadhadh a chumail ri uairean àraidh dhen latha |
Faodaidh cuid de dh'àrainnean fiadh-bheatha a bhith air an sgrios | Tèarmainn nàdair air an suidheachadh air falbh bho chuaraidhean airson fiadh-bheatha a dhìon, me Tèarmann Yellands Meadow |
Nuair a thèid cuaraidhean a thrèigsinn, faodaidh gaoidean a bhith air fhàgail air an dealbh-tìre | A' dèanamh cinnteach gun tèid seann chuaraidhean a leasachadh, me gan lìonadh agus gan sgeadachadh agus a' dèanamh loch/tèarmann nàdair dhiubh |
Duilgheadas | Tha cuaraidhean a' coimhead grànda agus tha iad a' milleadh bòidhchead nàdarra na sgìre |
---|---|
Fuasgladh | Faodaidh Ùghdarrasan nam Pàircean Nàiseanta iarraidh air companaidhean cuaraidhean fhalach air cùl chraobhan gus nach bi iad a' coimhead cho grànda, me Cuaraidh Ingleton |
Duilgheadas | Tha na làraidhean mòra a bhios a' giùlan na cloich a thig à cuaraidh ag adhbharachadh tòrr truailleadh èadhair |
---|---|
Fuasgladh | A' brosnachadh cleachdadh an rèile, me ag ùrachadh goireasan an rèile aig Cuaraidh Swinden faisg air Skipton. A' cur còmhdach air luchdan làraidhean a' lùghdachadh duslach |
Duilgheadas | Tha làraidhean a bhios a' giùlan na cloich a thig à cuaraidh ag adhbharachadh trafaig dhùmhlaichte air rathaidean cumhang air an dùthaich |
---|---|
Fuasgladh | Faodar gluasad làraidhean a chumail ri uairean àraidh dhen latha |
Duilgheadas | Tha spreadhadh chreagan ag adhbharachadh truailleadh fuaim |
---|---|
Fuasgladh | Faodar spreadhadh a chumail ri uairean àraidh dhen latha |
Duilgheadas | Faodaidh cuid de dh'àrainnean fiadh-bheatha a bhith air an sgrios |
---|---|
Fuasgladh | Tèarmainn nàdair air an suidheachadh air falbh bho chuaraidhean airson fiadh-bheatha a dhìon, me Tèarmann Yellands Meadow |
Duilgheadas | Nuair a thèid cuaraidhean a thrèigsinn, faodaidh gaoidean a bhith air fhàgail air an dealbh-tìre |
---|---|
Fuasgladh | A' dèanamh cinnteach gun tèid seann chuaraidhean a leasachadh, me gan lìonadh agus gan sgeadachadh agus a' dèanamh loch/tèarmann nàdair dhiubh |