Feartan fo-thalamh

Aol-chluigein agus aol-charraighean
Uaimhean
- Faodaidh gum bi uaimhean mòra air an cruthachadh fon talamh far a bheil dealbhan-tìre clach-aoil charboniferous. Bidh iad air an cruthachadh nuair a tha leaghadh ceimigeach gu math gnìomhach.
- Faodaidh iad cuideachd fàs nas motha leis na pròiseasan bleith aibhne àbhaisteach - obair haidreolaig, caitheamh agus bualadh.
Am broinn na h-uaimhe, tha iomadh feart sònraichte a chaidh a chruthachadh thar nam mìltean bhliadhnachan. Thachair iad uile mar thoradh air uisge a' sùghadh tron chreig agus a' leaghadh na cloich-aoil.
- Nuair a bhios uisge a' sruthadh fon talamh, bidh e a' leaghadh na cloich-aoil.
- Tha a' chlach-aoil leaghte (calcium carbonat) air a giùlan air falbh leis an uisge.
- Bidh boinnean uisge a' sileadh mean air mhean bho mhullaich nan uaimhean agus a' deatachadh. Nuair a bhios an t-uisge a' deatachadh, bidh calcium carbonat air a thasgadh mar theann-stuth air mullach na h-uaimhe.
- Thar ùine, cruinnichidh seo gu bhith na thasgaidhean fada, caola a bhios a' fàs sìos, agus tha iad coltach ri bioran-deighe crochte bho mhullach na h-uaimhe. Canar aol-chluigein riutha sin.
- Bidh cuid de bhoinnean uisge a' tuiteam gu ùrlar na h-uaimhe far am bi iad a' stealladh agus a' deatachadh.
- Bidh an stealladh a' sgaoileadh an tasgaidh de chalcium carbonat. Mar a bhios barrachd is barrachd de chalcium carbonat a' cruinneachadh air an ùrlar, bidh feartan beaga, leathann, tiugha a' fàs suas bhon ùrlar. Canar aol-charraighean riutha sin.
- Uaireannan bidh aol-chluigein agus aol-charraighean a' fàs a dh'ionnsaigh a chèile agus a' cruthachadh colbh creige.
Àrd-thalamh clach-aoil: obair map TR
Tha e gu math furasta feartan clach-aoil aithneachadh air map Tomhas Riaghaltais (TR). Bidh ainmean nam feartan air a' mhap, me Raven Scar no White Scar Caves. Chì thu cuideachd pàtrain drèanadh bho àm gu àm nuair a bhios coltas gu bheil na h-aibhnichean/uillt (loidhneachan gorma) a' tòiseachadh agus a' stad air a' mhap. Far a bheil loidhneachan gorma, tha na h-uillt a' sruthadh thar creag dhrùidhteach. Far nach eil loidhneachan gorma, tha na h-uillt a' sruthadh thairis air clach-aoil oir tha iad air a dhol à sealladh tron chreig dhrùidhtich agus tha iad a' sruthadh fon talamh.
Bidh fios agad gu bheil thu a' coimhead air dealbh-tìre clach-aoil nuair a chì thu cabhsair clach-aoil.
Tha drèanadh bho àm gu àm na dheagh chomharra gur e dealbh-tìre clach-aoil a th' ann. Seach gu bheil clach-aoil drùidhteach, thèid aig uisge air a dhol troimhpe gus an ruig e creag neo-dhrùidhteach agus an uair sin feumaidh e nochdadh a-rithist.
Bidh tuill-slugaidh air an cruthachadh ann an dealbhan-tìre clach-aoil nuair a thèid crèadh-chlach sìos tro na sgàinidhean no na beàrnan sa chloich-aoil a tha fòdhpa.