BailteilCùisean ann am bailtean-bhothan

Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Cùisean ann am bailtean-bhothan mòr-bhailtean fo leasachadh

Cuspair sgrùdaidh air Rio de Janeiro, Brasil

Mapa Brasil
Figure caption,
Mapa Brasil, a' sealltainn far a bheil Rio de Janeiro
Mapa Rocinha, Rio de Janeiro
Figure caption,
Mapa Rocinha, Rio de Janeiro

An t-eadar-dhealachadh eadar beairteas agus bochdainn

Imrich eadar dùthaich is baile

Tha mòran dhaoine ann an dùthchannan fo leasachadh air sgur de dh'àiteachas bith-beò air an dùthaich agus air gluasad do mhòr-bhailtean mar Rio de Janeiro. Bidh iad a' gluasad oir tha iad a' sireadh beatha nas fheàrr. Tha daoine air an tàladh dha na mòr-bhailtean oir tha iad an dòchas gum faigh iad obair le pàigheadh math ann am factaraidhean, gum bi sgoiltean nas fheàrr ann dhan chloinn aca, cur-seachadan cùram slàinte nas fheàrr agus inbhe beòshlaint nas fheàrr. Gu mì-fhortanach, chan ann mar sin a tha agus bidh mòran theaghlaichean a' feuchainn ri tighinn beò ann an slumaichean, (ris an canar favelas ann am Brasil).

Rocinha; aon de na bailtean-bhothan as motha ann an Rio de Janeiro, Brasil
Image caption,
Rocinha; aon de na bailtean-bhothan as motha ann an Rio de Janeiro, Brasil

Mòr-bailtean dùmhail

More guides on this topic