Sòn gnìomhachais ùr
Glaschu

Sòn gnìomhachais ùr, Glaschu
Far am bi an sòn gnìomhachais ùr:
- air iomaill a-muigh a' bhaile air làrach ùr-uaine
- ri taobh phrìomh rathaidean airson faighinn thuige
- air talamh còmhnard, fosgailte
Tha an sòn gnìomhachais ùr air iomaill a-muigh a' bhaile oir:
- tha e air falbh bho dhùmhlachd a' PhSG
- tha rùm ann airson leudachadh
- tha an talamh nas saoire agus faodar factaraidhean beaga a thogail
Tha an sòn gnìomhachais ùr furasta aithneachadh bho na comharran a leanas:
- chan eil e ro dhùmhail – togalaichean le aon no dà ùrlar
- togalaichean ùr-nodha de bhreigichean agus de ghlainne
- air a sgaradh bho thaighean
- air a sgeadachadh le craobhan agus pris
- factaraidhean ann am buidhnean còmhla ann an raointean-gnìomhachais
- tha na prìomh rathaidean faisg airson steach-mhalairt/mach-mhalairt
- pàircean mòra chàraichean airson luchd-obrach agus làraidhean bathair
Ann an Glaschu tha Raon-gnìomhachais Hillington na eisimpleir de raon-gnìomhachais ùr-nodha.