Leasachaidhean o chionn ghoirid air an iomall dhùthchail/bhailteil
Glaschu
Bidh mòr-bhailtean an-còmhnaidh ag atharrachadh agus a' fàs. Tha cuideam mòr a' tighinn air an sgìre uaine bho sgaoileadh bailteil. Chithear sin san diagram.
Seo cuid dhe na h-adhbharan airson barrachd leasachaidh a bhith aig crìoch a' bhaile air an iomall dhùthchail/bhailteil:
Oifisean a' gluasad bho mheadhan a' bhaile
Tha cuid de dh'oifisean a' gluasad gu pàircean gnothachais air iomaill a' bhaile ri taobh prìomh rathaidean airson a bhith furasta faighinn thuca. Tha iad a' gluasad seach gu bheil talamh nas saoire an sin, seach gu bheil rùm ann airson leudachadh, agus tha an àrainneachd gun truailleadh air an dùthaich a' tàladh luchd-obrach le sàr sgilean. Ach, tha an gluasad sin a' cur ri sgaoileadh bailteil agus ag adhbharachadh còmhstri a thaobh cleachdadh-fearainn còmhla ri luchd-cleachdaidh fearainn air an dùthaich, me tuathanaich.
Atharrachadh ann an còmhdhail
Tha mòran rathaidean agus loidhnichean-rèile a' ceangal iomaill a' bhaile ri meadhan a' bhaile airson gum bi e furasta do choimiutairean faighinn a dh'obair, dha na bùithtean agus gu cur-seachadan. Tha sgeamachan Park and Ride air a bhith gu sònraichte cudromach oir thèid aig daoine air a dhol gu tachartasan gun na càraichean a thoirt leotha, me gu geamaichean ball-coise agus consairtean.
Leasachaidhean taigheadais
Chaidh bailtean ùra mar Cille Bhrìghde an Ear, agus sgìrean comhairle mar Castlemilk, a thogail air làraich ùr-uaine air iomaill a' bhaile airson feuchainn ri fuasgladh fhaighinn air cus dhaoine a bhith a' fuireach ann an slumaichean a' bhaile a-staigh bho na 1960an. Tha leasachaidhean taigheadais ùr fhathast a' cur ri sgaoileadh bailteil an-diugh. Chaidh bailtean beaga mar Clarkston a shluigeadh le crìoch baile Ghlaschu, agus tha bailtean tuathanachais mar Eaglesham a-nis nam bailtean do choimiutairean.
Sgìrean gnìomhachais agus sgìrean gnothachais ùra
Tha raointean gnìomhachais, pàircean bhùithtean, bùithtean-mòra mòra agus ionadan-bhùithtean air iomall a' bhaile air sgàth 's gu bheil an talamh nas saoire, tha rùm ann airson leudachadh, tha ceanglaichean còmhdhail ann, luchd-obrach agus margaid. Ach, tha na leasachaidhean sin a' cur ri sgaoileadh bailteil, agus tha iad a' cur cuideam air an sgìre-uaine. 'S e buaidh nan leasachaidhean sin gu bheil talamh tuathanachais agus àrainnean fiadh-bheatha gan call.
Mìneachadh:
- Baile choimiutairean – àite anns am bi daoine a' fuireach agus a' siubhal a bhadeigin eile a dh'obair.
- Sgìre-uaine – an sgìre timcheall air mòr-bhaile far a bheil bacadh air leasachadh gus nach bi baile agus mòr-bhailtean a' dol an lùib a chèile.
- Iomall dùthchail/bailteil – an sgìre aig fìor iomall mòr-bhaile far a bheil an dùthaich a' tòiseachadh.
- Ath-nuadhachadh bailteil – prògram air a dhealbh gus piseach a thoirt air sgìrean a' bhaile a-staigh le bhith a' leasachadh thaighean, a' togail raointean gnìomhachais agus ionadan-slàinte agus a' sgeadachadh.
- Sgaoileadh bailteil – bailtean agus mòr-bhailtean a' sgaoileadh agus a' gabhail thairis pàirt dhen dùthaich.