BailteilSgìre gnothachais ùr

Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Sgìre gnothachais ùr

Glaschu

Ionad-bhùithtean Braehead, Glaschu
Image caption,
Ionad-bhùithtean Braehead, Glaschu

Far am bi an sgìre gnothachais ùr:

  • air làraich fharsaing air iomaill a-muigh baile/mòr-bhaile
  • ri taobh rathaidean/mòr-rathaidean

Tha an sgìre gnothachais ùr air iomaill a-muigh a' bhaile oir:

  • tha rùm gu leòr ann airson mòr-bhùithtean, bùithtean àirneis agus goireasan a thogail mar ionad-bòbhladaireachd agus taighean-dhealbh
  • tha mòr-rathaidean ga dhèanamh furasta do luchd-ceannach faighinn thuca

Tha e furasta sgìre gnothachais ùr aithneachadh air iomaill a-muigh a' mhòr-bhaile:

  • togalaichean mòra, mòra, me taighean-dhealbh agus mòr-bhùithtean
  • bùithtean agus seirbheisean còmhla ann am pàircean-bhùithtean
  • air a sgaradh bho thaighean agus bho ghnìomhachas
  • iomadach àite-parcaidh an-asgaidh
  • ri taobh mòr-rathad far a bheil prìomh rathaidean a' coinneachadh
  • air a thogail air talamh saor le àite airson leudachadh
  • togalaichean ìosal, ùr-nodha
  • rathaidean leathann a ghabhas mòran chàraichean agus làraidhean bathair

Ann an Glaschu tha Braehead na eisimpleir de sgìre gnothachais ùr.

More guides on this topic