PSG a' sgaoileadh do shòn a' bhaile a-staigh
Leasachaidhean o chionn ghoirid sa bhaile a-staigh
Ùrachadh ann an sgìrean sa bhaile a-staigh, gu h-àraidh ri taobh Abhainn Chluaidh, a' ciallachadh gun do sgaoil am PSG. 'S e an SECC a tha a-nis ann an seann sgìrean an docaichean aig Cidhe Anderson agus tha Taigh-dhealbh IMAX agus an t-Ionad Saidheans aig Cidhe Pacific. Tha leasachaidhean nas ùire a' gabhail a-steach Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail, prìomh thogalach a' BhBC ann an Alba agus an SSE Hydro.
Thàinig iomadh atharrachadh air a' bhaile a-staigh no an sòn eadar-ghluasaid thar nan deicheadan mu dheireadh. Chaidh grunn phrògraman a stèidheachadh airson sgìrean a' bhaile a-staigh ann an Glaschu ath-nuadhachadh. Tha seo air a bhith a' dol air adhart bho na 1970an, nuair a thòisich mòran dhe na seann ghnìomhachasan mòra a' crìonadh agus a' dùnadh.
GEAR – Glasgow Eastern Area Renewal
Thòisich am prògram seo sna 1970an agus bha e a' bualadh air na sgìrean timcheall Bridgeton agus Dalmarnock. Bha e ag amas air leasachadh nan seann teanamantan. Bha e cuideachd a' gabhail a-steach togail thaighean ùra, raointean gnìomhachais, ionadan-slàinte agus sgeadachadh airson coltas nas fheàrr a thoirt do sgìrean 'truadh'. Chaidh seo a mhaoineachadh le airgead poblach tro chobhair bhon riaghaltas mar iasadan agus factaraidhean a bha saor bho mhàil, agus le maoin bhon roinn phrìobhaidich gu h-àraidh tro bhith a' togail Ionad-bhùithtean a' Forge.
Pròiseact Ath-nuadhachaidh Sràid Crowne
Thòisich am prògram seo sna 1990an agus bha e a' bualadh air sgìre nan Gorbals ann an Glaschu. Chaidh taigheadas saor nach robh cho dùmhail a thogail an àite nan teanamantan agus nam flataichean àrda. Chaidh cuideachd 'Prìomh Shràid' a thogail le seirbheisean agus bùithtean ionadail, sgeadachadh agus craobhan.
Ath-nuadhachadh Cala agus Cidhe Ghlaschu

Thòisich am prògram seo sna 1980an agus bha e a' bualadh air ath-nuadhachadh sreathach ri taobh Abhainn Chluaidh. Chaidh gnìomhachas ùr a thogail an àite nan seann ghàrraidhean–iarainn is nan docaichean. Chaidh an SECC a thogail an toiseach mar dhòigh air atharrachadh a thoirt air teachd-a-steach a' bhaile, tro luchd-tadhail agus gnothachas.
Am measg leasachaidhean ùra sna bliadhnaichean mu dheireadh, bha Ionad-saidheans Ghlaschu, prìomh thogalach a' BhBC ann an Alba agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta a' Chòmhdhail. Tha iomadh goireas do luchd-turais air Abhainn Chluaidh mar Soitheach a' Chroinn Àird, (The Tall Ship), turasan goirid air an abhainn, a bharrachd air cùisean traidiseanta mar còmhdhail agus gnìomhachas.
Chaidh flataichean ùra a thogail gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith a' fuireach sa bhaile. Nam measg sin tha oileanaich, proifeiseantaich agus daoine le clann a tha a-nise air an dachaigh fhàgail agus a tha a' tilleadh a mheadhan a' bhaile bho na h-iomaill. Chaidh piseach a thoirt air ceanglaichean còmhdhail thar Abhainn Chluaidh le Airdse Chluaidh (ris an canar an Squinty Bridge).
Chaidh craobhan a chur agus sgeadachadh a dhèanamh gus coltas nas fheàrr a thoirt dhan sgìre agus airson gum bi e nas fheàrr dhan àrainneachd. Chaidh Cidhe Springfield a leasachadh mar ionad-chur-seachadan sa bheil taighean-bìdh, taighean-dhealbh agus bòbhladh deich-pinne.
Tha tuilleadh leasachaidhean san amharc ann am Plana Structar Ghlaschu airson bhùithtean, cur-seachadan agus malairt airson piseach a bharrachd a thoirt air an sgìre gu lèir. Thathar airson an t-ath-nuadhachadh a sgaoileadh sìos taobh na h-aibhne agus, air a' cheann thall, airson piseach a thoirt air eaconamaidh a' bhaile.