Comharran am baile a-staigh
Glaschu
Far am bi am baile a-staigh:
- ann am mòr-bhailtean nas sine, faisg air a' mheadhan agus timcheall a' PhSG
- tha sgìrean sa bhaile a-staigh air an aithneachadh, chan ann a-mhàin le comharran fiosaigeach, ach glè thric le droch chomharran sòisealta-eaconamach
Tha am baile a-staigh san sgìre seo oir:
- bha seann fhactaraidhean gnìomhachas trom faisg air meadhan a' bhaile
- chaidh taigheadas saor, mar teanamaintean, a thogail luath do luchd-obrach le pàigheadh ìosal a dh'fheumadh fuireach faisg air an obair
- b' urrainn do dhaoine ann an sgìrean bochda sa bhaile a-staigh na goireasan ann am meadhan a' bhaile a chleachdadh
Tha am baile a-staigh furasta aithneachadh bho na comharran a leanas:
- tòrr thogalaichean agus dìth deagh thalamh fosgailte, me pàircean
- pàtran-clèithe air na sràidean
- taigheadas saor agus nas sine bhon naoidheamh linn deug – mar as trice teanamaintean ann an Alba agus taighean barraide ann an Sasainn
- taighean truagh gun ghàrraidhean
- talamh trèigte
- seann ghnìomhachas a' crìonadh no air dùnadh
- àireamh-sluaigh a' crìonadh agus cion-cosnaidh àrd
- sgìre mòra ath-leasachaidh no ath-nuadhachadh bailteil
- glè bheag de bhùithtean goireasach
- tòrr truailleadh-èadhair air sgàth trafaig
- truailleadh mar bhandalachd agus graffiti
- sgìrean air an leagail airson mòr-rathaidean agus cuairt-rathaidean
Ann an Glaschu tha Baile Ghobhainn na eisimpleir de sgìre baile a-staigh.