BailteilDuilgheadasan sna bailtean-bhothan

Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Duilgheadasan sna bailtean-bhothan

Rio de Janeiro

Dh'adhbharaich an àireamh mhòr de dhaoine a ghluais dha na mòr-bhailtean mòran dhuilgheadasan.

Droch thaighean gun na seirbheisean as bunaitichte - Bidh daoine a ghluaiseas dhan bhaile às ùr a' togail dhachaighean dhaibh fhèin air talamh nach buin dhaibh agus nach eil aca air mhàl, le stuthan sìmplidh mar cainb-thearra, iarann-preasach agus breigichean briste. Tha na sgìrean sin mì-laghail agus cha bhi an riaghaltas gam frithealadh air dhòigh sam bith. Mar sin chan eil dealan annta, sgoiltean no ospadail agus chan eil seirbheis sgudail annta. Chan eil goireasan bunaiteach mar uisge phìoban no toileatan anns na taighean, agus tha tòrr ghalaran annta leithid cholera agus a' bhuinneach mhòr.

Cus sluaigh - Tha cus sluaigh na dhuilgheadas mòr anns na favelas ann an Rio. Tha an àireamh-sluaigh chuibheasach mu 37,000 neach gach cilemeatair ceàrnagach. Air sgàth dìth thoidhleatan agus slàintealachd thruagh, bidh òtrachas glè thric a' sruthadh ann an drèanaichean fosgailte. Bidh seo a' toirt air galaran sgaoileadh gu luath.

Cùram slàinte truagh - Tha daoine bochd agus chan eil airgead aca a phàigheas airson cùram slàinte no ìocshlaint. Mar sin cha bhi iad a' faotainn leigheas airson nan galaran. Bidh galaran a' sgaoileadh luath agus mar thoradh air a sin, tha reat-bàis leanaban àrd agus tha an dùil-aoise ìosal (mu 56 bliadhna) ann am favela ann an Rio.

Dìth obraichean - Chan eil obair gu leòr ann dhan h-uile duine, agus mar sin, tha cion-cosnaidh àrd. Bidh a' mhòr-chuid dhe na daoine aig a bheil obair anns an roinn neo-fhoirmeil a' faighinn 'pàigheadh nan làimh', me obraichean, daoine a' reic biadh aig stàilichean air an t-sràid no luchd-glanaidh. Tha am pàigheadh uabhasach truagh anns an roinn seo, agus chan eil an teachd-a-steach idir cinnteach.

Eucoir - Tha an t-uabhas eucoir anns na favelas oir tha iad fo smachd ghràisgean a tha an sàs ann an eucoir ghunnaichean, eucoir dhrugaichean agus murt. Tha uiread de dh'eagal air na poilis ann an Rochina agus nach coisich iad ann gun ghunnaichean.

Maoimean-slèibhe - Tha Rio air a chuartachadh le beanntan. Mar sin tha moimhean-slèibhe bitheanta nuair a bhios stoirmean tropaigeach ann. Chan eil na taighean truagh anns na favelas a' toirt mòran dìon do dhaoine agus cha toir uisge mòr agus poll fada gan sguabadh air falbh.

Leasachaidhean sna bailtean-bhothan

Beatha ann am baile-bhothan Rochina

Tha Riaghaltas Bhrasil air a thuigsinn nach fhaigh iad fuasgladh air duilgheadas nan taighean ann am favelas ann am bailtean mar Rio dìreach le bhith gan sgrios. Tha an riaghaltas airson piseach a thoirt air na bailtean-bhothan a th' ann mar-thà, ach chan eil iad airson gum brosnaich iad daoine gu bhith a' togail tuilleadh dhiubh. Tha na favelas mì-shealltanach agus a' toirt seachad droch ìomhaigh dhen bhaile. Am measg nam fuasglaidhean tha:

  1. Sgeamachan fèin-chuideachaidh - Bidh na pròiseactan beaga seo a' toirt cothrom do mhuinntir an àite na sgilean aca a leasachadh nan sgìre fhèin. Thug an riaghaltas seachad stuthan mar breigichean, saimeant agus glainne airson gum b' urrainn teaghlaichean na dachaighean aca a leasachadh. Bidh seo glè thric a' brosnachadh spiorad coimhearsnachd oir bidh mòran theaghlaichean ag obair còmhla airson leasachaidhean a dhèanamh. Ann an Rocinha, dh'atharraich na slumaichean gu bhith nan taighean saora, le seirbheisean bunaiteach mar dealan sa mhòr-chuid dhiubh air sgàth nan sgeamaichean seo. Tha mòran sheirbheisean, mar cafaidhean agus bùithtean, a-nis ann an Rocinha. Fhuair cuid de dhaoine seilbh laghail air an talamh air a bheil an taigh aca.
  2. Sgeamaichean làraich is sheirbheisean - Bidh an t-ùghdarras ionadail a' gabhail nam pròiseactan seo os làimh airson luchd-còmhnaidh sna favelas a ghluasad a dh'àite eile. Bidh iad a' togail thaighean le breigichean agus bidh dealan, uisge phìoban agus pìoban slàintealachd annta. 'S dòcha gum faigh daoine cead na taighean sin a cheannach. Tha 'Pròiseact Favela Bairro' no 'Slum gu Nàbachd' nan eisimpleirean de phròiseact mar sin. Tha seirbheisean sna sgìrean sin cuideachd a' gabhail a-steach togail sgudail, sgoiltean agus ionadan slàinte.
  3. Buidhnean carthannais - Bidh buidhnean-carthannais a' toirt piseach air beatha dhaoine ann am bailtean-bhothan le bhith a' toirt dhaibh airgead airson sgeamaichean fèin-chuideachaidh. 'S e buidheann carthannais a tha san Developing Minds Foundation a bhios a' togail sgoiltean agus a' toirt taic do phrògraman foghlaim anns na favelas ann an Rio. Tha iad ag amas air piseach a thoirt air ìre litearrachd na cloinne airson gum faigh iad obair mhath, gum bi inbhe beòshlaint nas fheàrr aca agus gum bi barrachd roghainnean aca nam beatha.

More guides on this topic