BailteilLeasachaidhean sa PhSG

Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Leasachaidhean sa PhSG, sa bhaile a-staigh agus air iomall a' bhaile

Glaschu mar chuspair sgrùdaidh

Tha mòran leasachaidhean air a bhith ann an diofar phàirtean de mhòr-bhailtean sna bliadhnaichean mu dheireadh. Tha mòran dhiubh sin a' leantainn an aon phàtrain, ach coimheadaidh sinn gu sònraichte air Glaschu:

AtharrachadhDeagh bhuaidh an atharrachaidhDroch bhuaidh an atharrachaidh
Chaidh ionadan-bhùithtean, mar Braehead agus Silverburn, a thogail taobh a-muigh a' bhaile le parcadh gu leòr an-asgaidh do chàraichean.Ionadan-bhùithtean fo dhìon ga dhèanamh nas tlachdmhoire a dhol dha na bùithtean seach a bhith ann am meadhan a' bhaile nuair a tha i fliuch agus fuar.Tha co-fharpais ri bùithtean ann am meadhan a' bhaile a' ciallachadh gun do dhùin cuid dhe na bùithtean sa bhaile.
Pàircean bhùithtean agus raointean malairt, me Pàirc Bhùithtean Strathkelvin air iomall a' bhaileThèid aig luchd-ceannach air nithean mòra a thoirt dhachaigh leotha sa chàr.Dhùin cuid de chompanaidhean nas lugha oir cha b' urrainn dhaibh co-fharpais a dhèanamh.
Sràidean bhùithtean airson luchd-coiseachd a-mhàin, me Sràid Earra-Ghàidheal agus Sràid BhochananNas lugha de thruailleadh ann an àrainneachd nam bùithtean agus nas sàbhailteTha càraichean air am bacadh bho sgìrean sònraichte agus tha sin a' lìonadh nan sràidean a tha faisg
Mòr-bhùithtean ùra taobh a-muigh a' bhaile fosgailte 24 uaireanCothrom aig luchd-ceannach a h-uile càil a dh'fheumas iad a cheannach agus seirbheisean mar luchd-sùla agus companaidhean glanaidhChan urrainn bùithtean nas lugha co-fharpais a dhèanamh, me b' fheudar bùithtean bhùidsearan agus bùithtean èisg dùnadh
AtharrachadhChaidh ionadan-bhùithtean, mar Braehead agus Silverburn, a thogail taobh a-muigh a' bhaile le parcadh gu leòr an-asgaidh do chàraichean.
Deagh bhuaidh an atharrachaidhIonadan-bhùithtean fo dhìon ga dhèanamh nas tlachdmhoire a dhol dha na bùithtean seach a bhith ann am meadhan a' bhaile nuair a tha i fliuch agus fuar.
Droch bhuaidh an atharrachaidhTha co-fharpais ri bùithtean ann am meadhan a' bhaile a' ciallachadh gun do dhùin cuid dhe na bùithtean sa bhaile.
AtharrachadhPàircean bhùithtean agus raointean malairt, me Pàirc Bhùithtean Strathkelvin air iomall a' bhaile
Deagh bhuaidh an atharrachaidhThèid aig luchd-ceannach air nithean mòra a thoirt dhachaigh leotha sa chàr.
Droch bhuaidh an atharrachaidhDhùin cuid de chompanaidhean nas lugha oir cha b' urrainn dhaibh co-fharpais a dhèanamh.
AtharrachadhSràidean bhùithtean airson luchd-coiseachd a-mhàin, me Sràid Earra-Ghàidheal agus Sràid Bhochanan
Deagh bhuaidh an atharrachaidhNas lugha de thruailleadh ann an àrainneachd nam bùithtean agus nas sàbhailte
Droch bhuaidh an atharrachaidhTha càraichean air am bacadh bho sgìrean sònraichte agus tha sin a' lìonadh nan sràidean a tha faisg
AtharrachadhMòr-bhùithtean ùra taobh a-muigh a' bhaile fosgailte 24 uairean
Deagh bhuaidh an atharrachaidhCothrom aig luchd-ceannach a h-uile càil a dh'fheumas iad a cheannach agus seirbheisean mar luchd-sùla agus companaidhean glanaidh
Droch bhuaidh an atharrachaidhChan urrainn bùithtean nas lugha co-fharpais a dhèanamh, me b' fheudar bùithtean bhùidsearan agus bùithtean èisg dùnadh
AtharrachadhDeagh bhuaidh an atharrachaidhDroch bhuaidh an atharrachaidh
Còmhdhail phoblach nas fheàrr, me slighean do bhusaichean a-mhàin nan cuideachadh gus busaichean a chumail ris an uairChan eil uiread de dhaoine a' toirt nan càraichean a mheadhan a' bhaile agus chan eil an dùmhlachd trafaig cho donaChan eil e goireasach do luchd-siubhail ma thèid seirbheisean a chur dheth, me air sgàth droch shìde
Sràidean Aon-shlighe, me Sràid an DòchaisAn trafaig a' gluasad nas fheàrr agus nas luaitheDoirbh do dhràibhearan an slighe a dhèanamh timcheall meadhan a' bhaile mura bheil iad eòlach air na bacaidhean
Sgeamachan Park and Ride, me Comar nan AlltNas lugha de chàraichean am meadhan a' bhaile agus nas lugha de dhùmhlachd trafaigFaraidhean nan trèanaichean a' fàs nas daoire
Nas lugha de pharcadh air an t-sràid le pàircean-chàraichean ioma-ùrlar, cìsean parcaidh, loidhnichean dùbailte, buidhe agus freiceadain trafaigNas lugha de chàraichean a' parcadh gu mì-laghail agus gan stopadhDaor càr a pharcadh – cìsean airson gach 15 mionaidean ann an cuid de de dh'àitichean
Cuairt-rathaidean a tha a' seachnadh meadhan a' bhaileMòr-rathad M8 a' leigeil trafaig tron bhaile agus a' seachnadh dùmhlachd sa PhSGDùmhlachd trafaig fhathast air rathaidean aig amannan trang
AtharrachadhCòmhdhail phoblach nas fheàrr, me slighean do bhusaichean a-mhàin nan cuideachadh gus busaichean a chumail ris an uair
Deagh bhuaidh an atharrachaidhChan eil uiread de dhaoine a' toirt nan càraichean a mheadhan a' bhaile agus chan eil an dùmhlachd trafaig cho dona
Droch bhuaidh an atharrachaidhChan eil e goireasach do luchd-siubhail ma thèid seirbheisean a chur dheth, me air sgàth droch shìde
AtharrachadhSràidean Aon-shlighe, me Sràid an Dòchais
Deagh bhuaidh an atharrachaidhAn trafaig a' gluasad nas fheàrr agus nas luaithe
Droch bhuaidh an atharrachaidhDoirbh do dhràibhearan an slighe a dhèanamh timcheall meadhan a' bhaile mura bheil iad eòlach air na bacaidhean
AtharrachadhSgeamachan Park and Ride, me Comar nan Allt
Deagh bhuaidh an atharrachaidhNas lugha de chàraichean am meadhan a' bhaile agus nas lugha de dhùmhlachd trafaig
Droch bhuaidh an atharrachaidhFaraidhean nan trèanaichean a' fàs nas daoire
AtharrachadhNas lugha de pharcadh air an t-sràid le pàircean-chàraichean ioma-ùrlar, cìsean parcaidh, loidhnichean dùbailte, buidhe agus freiceadain trafaig
Deagh bhuaidh an atharrachaidhNas lugha de chàraichean a' parcadh gu mì-laghail agus gan stopadh
Droch bhuaidh an atharrachaidhDaor càr a pharcadh – cìsean airson gach 15 mionaidean ann an cuid de de dh'àitichean
AtharrachadhCuairt-rathaidean a tha a' seachnadh meadhan a' bhaile
Deagh bhuaidh an atharrachaidhMòr-rathad M8 a' leigeil trafaig tron bhaile agus a' seachnadh dùmhlachd sa PhSG
Droch bhuaidh an atharrachaidhDùmhlachd trafaig fhathast air rathaidean aig amannan trang

Tha cìsean dùmhlachd trafaig ann an Lunnainn, agus bidh dràibhearan a' pàigheadh cìs airson an càr aca a thoirt a mheadhan a' bhaile

More guides on this topic